Tha sinn glan air ar dòigh gu bheil cead againn bho D. C. Thomson & Co. an caractar Albannach as ainmeile a th' ann - Oor Wullie - fhoillseachadh sa Ghàidhlig airson a' chiad uair.
'S e iris bhliadhnail 2015/6 a bhios sinn a' cur a-mach san Dàmhair 2017 is faodaidh sibh a cheannachd air £10 a' gabhail a-steach postalachd le bhith a' fo-sgrìobhadh an seo. Iochd! Mo chreubhag! Dìgean mise! |
We are delighted to have permission from D. C. Thomson and Co. to publish iconic Scottish cartoon strip Oor Wullie in Gaelic for the first time ever.
We'll be issuing the 2015/6 annual in October 2017 and you can buy it for £10 including postage by subscribing here. Jings! Crivens! Help ma Boab! |
Ar treas sreath de leabhraichean | Our third series of books
Leugh tuilleadh mun treas sreath shia leabhraichean bho Chuilean Craicte! | Read more about Cuilean Craicte's third series of six books!
Latha Mòr nan Leas-pheathraichean
le Kaye Umansky Ninja: Dìoghaltas le Chris Bradford Ròmanaich! le Tony Bradman Cleasan Cogaidh le Terry Deary An Cìobair, an Rìgh ’s an Reubaire le Jan Mark An Gille is an Globe le Tony Bradman |
Tha dà phiuthar dòigheil mar a tha iad – ach cò nochdas an uair sin ach an leas-phiuthar ùr aca Ella. Nì iad cinnteach gum bi a beatha-sa cho mì-chàilear ’s a ghabhas: cadal an taic an teine, obair chruaidh, gun ghuth idir idir air a’ bhàl! An dùil an cuir na sceamaichean seòlta aca stad air a’ phrionnsa bhochd bho bhith a’ coinneachadh leannan a ghaoil? Seann sgeul Cinderella le car ann, mar nach cuala tu a-riamh roimhe e!
Gnìomhan gaisgeil gun sgur, le iongantasan annasach. Tha Taka, Mai, and Renzo ag iarraidh dìoghaltas a thoirt a-mach air Tighearna Oda. Ged a chanas an t-Àrd-mhaighstir nach leighis seo cràdh a’ chridhe, ’s ann a tha cridhe Taka ro ghoirt – chan fhaic e dòigh eile idir. Tha gille Ceilteach airson a dhearbhadh fhèin dha muinntir na treubha aige. Nuair a thig na Ròmanaich dhan bhaile aige, thig smuain a-steach air: carson nach marbh e an t-Ìmpire Hadrian? Ach chan e an t-aon rud a bhith a’ sealg mhadaidhean-allaidh agus a bhith a’ sealg dhaoine. Sgeulachd loma-làn ghnìomhan gaisgeil, ach le deireadh ris nach biodh dùil! Nighean Iùdhach anns a' ghetto, agus gille Sasannach air a chur dhan dùthaich airson a bhith sàbhailte: tha beatha dheuchainneach air a bhith aca air sgàth a’ Chogaidh. Am bi aca ris an spòrs as fheàrr leo a thoirt suas – air neo an e spòrs an dearbh rud a chuidicheas troimhe iad? Stòiridhean drùidhteach suidhichte anns an Dàrna Chogadh. Dà sgeulachd èibhinn iongantach suidhichte anns na Meadhan Aoisean, loma-làn gòraiche agus às an ciall buileach! An dùil am fuasgail an cìobaire tòimhseachain troma an rìgh? Agus tha an reubaire Robin Hood ag iarraidh a bhith na spùilleadair-mara – mur an cuir cur-na-mara stad air an toiseach! SAOGHAL NA STÈIDSE… Tha Tòmas òg na aonar ann am baile mòr Lunnainn. Chan eil dòigh aige air cosnadh, no àite cadail, no biadh. Chan eil roghain aige ach a dhol a dh’obair do Mhoilidh Chalma, banrigh nam mèirleach. Nuair a chuireas Moilidh Tòmas gu ruige taigh-cluiche ainmeil A’ Ghlobe, tha e air a bheo-ghlacadh le saoghal nan cleasaichean. Agus tha feum aig aonan dhiubh air cuideachadh – tha dealbh-chluiche ùr a dhìth air a’ chleasaiche agus sgrìobhaiche ainmeil, Uilleam Shakespeare… |
Two sisters are perfectly happy as they are – until their new stepsister Ella appears. They make sure her life will be as nasty as possible: sleep by the fire, hard work, and definitely no ball at all! Will their cunning schemes stop the poor prince meeting his one true love? The old story of Cinderella with a twist, as you’ve never heard it before!
Non-stop heroic exploits and astounding surprises. Taka, Mai, and Renzo want to take revenge on Lord Oda. Although the Grandmaster says that this won’t cure his heart’s hurt, Taka’s heart is too sore – he can’t see any other way. A Celtic boy wants to prove himself to his fellow tribesmen. When the Romans come to his village, he has a thought: why doesn’t he kill the Emperor Hadrian? But hunting wolves and hunting people aren’t the same things. A story full of daring deeds, but with an unexpected ending! A Jewish girl in the ghetto, and an English boy sent to the country for safety: their lives have been tough because of the War. Will they have to give up their favourite sports – or is sport the very thing that will help them through it? Touching stories set during the Second World War. Two lively and hilarious stories set in the Middle Ages, full of daftness and madness! Will the shepherd solve the king’s perplexing puzzles? And the outlaw Robin Hood wants to be a sea-dog – unless seasickness stops him first! LIFE ON THE STAGE... Young Tòmas is alone in the great city of London. He's got no way of making a living, nor a place to sleep, nor any food. He has no choice but to go to work for Molilidh Chalma, the queen of the thieves. When Moilidh sends Tòmas to the famous Globe Theatre, he's enthralled by the actors' world. And one of them needs help - the famous actor and writer, William Shakespeare, needs a new play... |
Ar dàrna sia leabhraichean | Our second six books
Leugh tuilleadh mu dhàrna sia leabhraichean a' Chuilein Chraicte! | Read more about Cuilean Craicte's second six books!
Prionnsa Losgann le Kaye Umansky Ninja: Grèim a' Bhàis le Chris Bradford ’S Fhada Buan Leinn le Catherine NicPhàil Calum is Calum le Tony Bradman Mac Dhrac le Michael Lawrence Sorcha agus an Sionnach le Michael Morpurgo |
Tha Prionnsa Bhalentin a' sireadh leannan agus tha e an dùil gum bi farpais ann airson na dreuchd! Ach an uair sin tha rudeigin a' dol ceàrr. An toiseach bha Bhalentin mì-mhodhail ris a' chaillich ghrànnda ud. An uair sin cha robh sgeul air an deise òir aige. Agus a-nis tha e aig bonn tobair le trì màgain! Tha Prionnsa Losgann ag iarraidh pòg ORT! Tha crios dubh aig Taka a-nis agus tha e trang ag ionnsachadh ealain mharbhtach nan ninja. Bidh feum aige air na sgilean sin uile gus an cinneadh a dhìon. Tha Tighearna Oda a’ dèanamh air a’ bhaile aca agus e ag iarraidh na ninja gu lèir a sgrios. Feumaidh Taka seasamh na aghaidh, agus an turas seo, tha a h-uile sìon a th’ aige ann an cunnart… Nuair a dh’fhalbhas Dad dhan Chogadh agus a bhàsaicheas Mamaidh, feumaidh Seumas, Belle agus Uilleam a dhol a dh’fhuireach aig Mrs Carter. Tha sin dona gu leòr ach an uair sin tha Mrs Carter ag ràdh nach eil àite aice dhaibh tuilleadh. Tha a’ chlann mar sin a’ dèanamh air an Fhraing gus an athair a lorg. Sgeulachd Albannach stèidhichte air eachdraidh tubaist-rèile uabhasaich sa Chogadh Mhòr. ’S e sàr sgoilear a th’ ann an Calum Baker. Bidh e daonnan a’ dèanamh na h-obair-dachaigh aige, agus cha dèan e sìon ceàrr, uair sam bith. ’S e droch isean a th’ ann an Calum Barker. Bidh e tric ann an trioblaid, agus cha dèan e sìon ceart, uair sam bith. Tha a h-uile duine eòlach air an dà Chalum. Ach an uair sin tha tidsear ùr a’ tighinn dhan sgoil, agus an dà Chalum aice an rathad ceàrr! Agus tha a h-uile sìon ag atharrachadh! Fàilte mhòr air Wilfred, an t-aona mhac aig seann Chount Dracula. Chan fhada gus am faigh Wilfred dìleab iongantach - tiotal agus caisteal athar. An uair sin, cha bhi vampire anns an t-saoghal gu lèir a thig faisg air. ’S mòr am beud, ge-tà, gur fheàrr le Wilfred bainne blàth bho na bà seach fuil bhlàth bho amhaich. Vampire? ’S ann a tha e nas coltaiche ri Braidhm-pire! Chaidh Sorcha a thogail air tuathanas ach chan fhaca i a-riamh sionnach – gus an latha a lorgas i cuilean-sionnaich leònte a th’ air a mhàthair a chall. Tha Sorcha a’ coimhead às a dhèidh ach chan fhaod i guth a ràdh ri h-athair, a tha a’ smaoineachadh nach eil sionnaich sìon nas fheàrr na radain. Saoil an tèid aig Sorcha air an cuilean a chumail sàbhailte? |
Prince Valentine is looking for a girlfriend, and he’s guessing that there might be some competition for the post! But then something goes wrong. First, Valentine was a bit cheeky to the ugly old lady. Then his golden suit went missing. And now he’s stuck at the bottom of a well with three toads! The Frog Prince wants to kiss YOU! Taka has his black belt now, and is busy learning the lethal arts of the ninja. He will need all of his new skills to protect his clan. Lord Oda is coming to their village, determined to wipe out the ninja. Taka must face him and this time everything he holds dear is in danger... When Dad goes to the War and Mammy dies, James, Belle and William have to go and stay with Mrs Carter. That's bad enough, but then Mrs Carter says she can't put them up any more. So the children make for the Front to try to find their father. A Scottish story inspired by a rail disaster that took place during the First World War. Calum Baker is Star Pupil. He always does his homework, and he never ever does anything wrong. Calum Barker is another story. He's always in trouble, and he never ever does anything right. Everyone knows the two Calums. But then a new teacher comes to school, and mixes the two Calums up! And everything changes! Meet Wilfred, the only son of old Count Dracula. Soon Wilfred will inherit his father's title and castle. Then he will be the greatest vampire of them all. Shame that Wilfred prefers fresh milk from the cow to fresh blood from the neck. Vampire? Wimpire, more like! Sorcha has lived her whole life on a farm, but she's never seen a fox - until she finds a tiny, injured cub who's lost his mum. Sorcha cares for him herself, but has to keep him hidden from her father, who thinks foxes are vermin. Can she keep the cub safe? |
Ar ciad sia leabhraichean | Our first six books
Leugh tuilleadh mu chiad sia leabhraichean a' Chuilein Chraicte! | Read more about Cuilean Craicte's first six books!
Pìos le Frank Cottrell Boyce An Treas Tadhal le Terry Deary Ninja: a' Chiad Dùbhlan le Chris Bradford Merlin: Gille an Dràgoin le Tony Bradman Splaoid sna Speuran le Eric Brown A' Bhana-bhuidseach as Uilce air an t-Saoghal le Kaye Umansky |
Gill'-onaidh beò-ghlacte le Warhammer + Aon bhotal de dh’aftershave grod = Pìos uile gu lèir. An fhìrinn a th’ ann! Tha athair D.A. airson gun cluich D.A. ball-coise. Chan eil Mam cho cinnteach. Tha car anns a’ sgeulachd buill-coise seo ris nach bi dùil! Chaidh sgrolaichean cinneadh Thaka a ghoid le samurai nàimhdeil. Am faigh Taka agus Mai air ais iad, ’s gun dèan iad Ninja dhiubh fhèin mu dheireadh thall? Bha fios aig Merlin bho riamh gun robh e eadar-dhealaichte, ach cha robh dùil aige coinneachadh ri dràgan agus an rìoghachd a shàbhaladh. Bidh Dòmhnall Iain a’ bruadar mu bhith a’ sgèith ann am fànas, agus tha e air bhioran gun cuir e cuairt timcheall an t-Saoghail còmhla ri sheanair. Ach an dùil an till iad dhachaigh a-chaoidh? Tha Gormal Ghrannda an dòchas Farpais Mhòr nam Buidsichean a bhuannachadh le plana uabhasach - taigh suiteis a ghlacas clann. Ach cha robh dùil aice ri paidhir de pheasain a chuireadh Supernanny às a rian..! |
One Warhammer-obsessed loser + One bottle of dodgy aftershave = A total heart-throb. No, honestly. D.A.'s dad is all for D.A. playing football, Mum isn't so sure. This football story ends with a very unexpected twist! Taka's clan scrolls have been stolen by enemy samurai. Can Taka and Mai recover them and finally become ninja? Merlin has always known he's different, but he never expected to meet a dragon and save the kingdom. Dòmhnall Iain dreams of flying in space, so he can't wait to take a trip around the Earth with his grandad. But will they ever make it home? Gormal Ghrannda hopes to win the Wickedest Witch competition with a diabolical plan - a house of sweets designed to trap children. But Gormal didn't expect to catch a pair of horrors that would send Supernanny round the bend! |
Thoir sùil an seo air sampall dreach neo-fhoillsichte bho fhear de na leabhraichean againn! (N.B. 's e dreach neo-cheartaichte a th' ann)
Check out a draft pre-publication sample from one of our books here! (N.B. this is an uncorrected proof)
Check out a draft pre-publication sample from one of our books here! (N.B. this is an uncorrected proof)